Portree
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh ga fosgladh gu h-oifigeil

3 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, gun robh e airson gum biodh tuilleadh sgoiltean Gàidhlig ann - ach gun robh sin an urra ri ùghdarrasan ionadail, seach Riaghaltas na h-Alba.

Bha Mgr Swinney a' bruidhinn aig fosgladh oifigeil Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh. Mhol e an t-adhartas a tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh a thaobh sgoiltean Gàidhlig. Ag aithris à Port Rìgh, seo Karen Elder ...