Iasg tropaigeach ann an uisgeachan na Gàidhealtachd

Iasg grèine Image copyright Getty Images

Chaidh iasg a tha sa chumantas a' còmhnaidh ann an uisgeachan tropaigeach fhaicinn dà thuras far chosta an iar na h-Alba an t-seachdain seo chaidh.

Seo an ceathramh turas a chaidh an t-iasg grèine fhaicinn 's a chlàradh le Urras nam Mucan Mara 's nan Leumadairean.

Se an t-iasg grèine an t-iasg cnàimheach as truime air an t-saoghal aig 998 cilo sa chumantas.

Chaidh an t-iasg a chlàradh Dihaoine le criutha bàt'-iasgaich far chosta an Eilein Sgitheanaich.

Chaidh iasg grèine cuideachd fhaicinn far Àird nam Murchan Diciadain.

Uair gu math ainneamh a bhiodh muinntir Alba a' faighinn seallaidhean dheth ach tha daoine aig a bhith gnìomhachasan shoithichean ag ràdh gu bheil e a' fàs nas bitheanta a bhith gam faicinn.

'S ann anns an Lùnastal mar as trice a bhios iad pailt.

Bidh iad ag ithe bhuir-tèachd agus bidh iad a' snàmh aig doimhneachd de cha mhòr 610 meatar.