Corp fireannaich air a lorg faisg air bàt-iasgaich

Loch Dunvegan Image copyright John Allan

Tha fireannach air bàsachadh an dèidh dha tuiteam far bhàt' iasgaich ann an Loch Dhùn Bheagain san Eilean Sgitheanach.

Chuir ball den phoball fios air na seirbheisean èiginn mu 1330 Disathairne agus iad air an soitheach fhaicinn a' falbh leis a' ghaoith faisg air a' chidhe ann an Dùn Bheagain.

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh agus bha an dà chuid na maor-chalaidh agus an RNLI an sàs san iomairt.

Chaidh corp fireannaich, aois 68, a lorg faisg air a' bhàta mu 2 uair a thìde an dèidh sin.