Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha Boris Johnson air plana Bhrexit an Riaghaltais a chàineadh uair eile. Ann an colbh san Daily Telegraph, thuirt e gum fàgadh planaichean Theresa May an Rìoghachd Aonaichte le glè bheag às deidh nan còmhraidhean agus gun deadh làmh an uachdair a thoirt dhan Àonadh Eòrpach.

Marc Carney

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil an Riaghaltas air còmhraidhean a thòiseachadh le Riaghladair Bhanca Shasainn, Marc Carney, mu bhith a' fuireach san dreuchd seachad air an Òg-mhìos an ath-bhliadhna nuair a tha dùil aige seasamh sìos. Thathas a' tuigsinn gu bheil dragh air Roinn an Ionmhais mun duilgheadas a bhiodh aca riaghladair ùr a lorg fhad 's a tha còmhraidhean Bhrexit fhathast a' dol.

Pasgan amharasach

Chaidh toirt air clann agus tidsearan àrd sgoil ann an Glaschu fhàgail as deidh aithrisean mu phasgan amharasach. Chuir Acadamaidh Rosshall teacsa gu pàrantan na bu thràithe ag innse dhaibh gun robh a' chlann a' tilleadh dhachaigh. Thuirt Comhairle Bhaile Ghlaschu gu bheil a' chùis a-nis seachad ach gum fuirich a' chlann far na sgoile airson a' chòrr den là.

Lighiche

Fhuair rannsachadh a chaidh a dhèanamh leis a' BhBC gun do dh'fhailich e air NHS Taobh Tatha stad a chuir air lighiche a bhith a' dèanamh obair-lannsa, fiu 's às dèidh do sgrùdadh neo-eisimeileach co-dhùnadh gun robh e a' dèanamh cron air euslaintich. Ann an aon thachartas, thug Sam Eljamel - a bha na cheannard air neurosurgery - a' phàirt cheàrr a-mach à bodhaig euslaintich. Tha na deicheadan dhaoine air innse dhan a' BhBC gun do dh'fhulaing iad aig làmhan an lighiche thar nam bliadhnaichean.

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Fosglaidh Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh gu h-oifigeil feasgar. A' bruidhinn air thoiseach air an fhosgladh, thuirt ceannard na sgoile gu bheil an luchd-obrach agus a' choimhearsnachd air a bhith ag obair gu cruaidh airson àrainneachd bheòthail Ghàidhlig a chruthachadh san ionad foghlaim.

Chris Evans

Dh'innis an craoladair Chris Evans gu bheil e a' fàgail Radio 2. Às dèidh ochd bliadhna air prògram bracaist an stèisein, thuirt Evans gum fàg e aig deireadh an Dùbhlachd. Ann am brath-naidheachd thuirt e gun robh an t-àm ann a-nis cothrom a thoirt do chuideigin eile.