Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh ga fosgladh gu h-oifigeil

Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
Image caption Dh'fhosgail an sgoil ùr anns a' Ghiblean

Tha Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, a' dol a Phort Rìgh Diluain airson bun-sgoil Ghàidhlig ùr a' bhaile fhosgladh gu h-oifigeil.

Dh'fhosgail an sgoil ùr anns a' Ghiblean.

'S i a' chiad sgoil Ghàidhlig a chaidh a thogail as ùr anns na h-eileanan.

"Àrainneachd Ghàidhlig"

Thuirt ceannard na sgoile, Flòraidh Guidi, gu bheil deagh adhartas ga dhèanamh gus àrainneachd bheòthail Ghàidhlig a chruthachadh anns an sgoil ùir.

"An dèidh a bhith a' bruidhinn ri na sgoilearan aca, tha iad uile ag ràdh gu bheil iad a' cleachdadh barrachd Ghàidhlig anns an sgoil agus tha sinn ag obair air sin a leasachadh."

Thuirt i gu bheil iad cuideachd airson cur-seachadan Gàidhlig a bhrosnachadh taobh a-muigh na sgoile.

"Tha clubaichean Gàidhlig againn far am bi clann a' faighinn spòrs 's ealan taobh a-muigh na sgoile anns a' Ghàidhlig agus cuideachd tha clubaichean againn a tha a' ruith còmhla ri sgoiltean eile air feadh an eilein so tha ceangal againn ri sgoiltean eile - tha sinn a' dèanamh cuid de rudan ann am Beurla taobh a-muigh na sgoile 's cuid de rudan anns a' Ghàidhlig ach 's e a bhith mothachail gu bheil sinn a' frithealadh air feumalachdan na cloinne 's feumalachdan na coimhearsnachd".

Tuilleadh air an sgeulachd seo