Cupa Valerie Fhriseil aig Bàideanach

Bàideanach is Srath Spè

Thog Bàideanach is Srath Spè Cupa Valerie Fhriseil 'son an dàrna turas nan eachdraidh is iad air a' chùis a dhèanamh air an Eilean Sgitheanach 4-1.

Ged a bha gu leòr an dùil gun cumadh na Sgitheanaich greim air a' chupa a bhuannaich iad an-uiridh, ach 's iad Bàideanach a thòisich a b'fheàrr is bha làmh an uachdair aca tron chiad leth.

Bha Kirsty Deans ag adhbhrachadh thrioblaidean mòra dha loidhne dìon an eilein, is Roma Fhriseal a' cumail Lorna NicRath sàmhach aig ceann eile na pàirce.

A dh'aindeoin sin, cha d'fhuair Bàideanach ach aon tadhal sa chiad leth, sin a' tighinn bho Deans às dèidh leth uair a thìde.

Tionndadh

Dh'fhàg sin an doras fosgailte dha na Sgitheanach is ghabh iad an cothrom is coltas tòrr nas fheàrr orra san dàrna leth.

Bha barrachd den bhall aca, is bha e na chuideachadh dhaibh cuideachd nuair a chaidh Roma Fhriseal dheth is i air a goirteachadh.

Thàinig na cothroman, is cha robh e na iongnadh nuair a chuir Lorna NicRath am ball dhan lìon às dèidh 55 mionaidean.

Bha làmh an uachdair aig na Sgitheanaich ach cha d'fhuair iad tadhal eile, is bha deagh naidheachd ann dha Bàideanach is Fhriseal a' tilleadh dhan phàirc.

Bha na sgiobaidean fhathast co-ionnan a' dol a-steach dha na deich mionaidean mu dheireadh, ach 's iad Bàideanach a fhuair an tadhal cudromach às dèidh 71 mionaid, Zoe Reid leis às dèidh do Sarah Jane Fheargasdan stad a chur air oidhirp bho Deans.

Chaidh na Sgitheanaich an sàs às ùr ach le tuill a' nochdadh aig a' chùl, chuir Rhona Nic an t-Saoir is Zoe Reid a-rithist tadhail eile anns na mionaidean mu dheireadh.

Rèis

Ged nach robh 4-1 ag innse sgeulachd a' gheama, bha Bàideanach is Srath Spè airidh air an duais.

Chaidh Kirsty Deans ainmeachadh mar shàr chluicheadair a' gheama is fìor dheagh là aice.

Bidh aire a-nise a' dol air an rèis eadar an dà sgioba 'son na lìge.

Na bu thràithe air an là Disathairne, bhuannaich Gleann Urchadain an Cupa Dùbhlan le buaidh 4-3 an aghaidh Inbhir Nis.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile