Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Lùnasdal 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Frank Field

Thuirt am ball pàrlamaid Làbarach Frank Field gun dèan e co-dhùnadh an ceann latha no dhà am bi e a' seasamh sìos, rud a bheireadh fo-thaghadh gu buil. Chuir e bhuaithe àite ann am buidheann pàrlamaid nan Làbarach an-dè agus e a' càineadh seasamh a' phàrtaidh air gràin air Iudhaich. Thuirt e gum bu mhath leis suidhe mar bhall pàrlamaid neo-eisimeileach, agus e fhathast na bhall den phàrtaidh. Ach thuirt na Làbaraich nach leigeadh iad sin leis. Thuirt Mgr Field nach eil e air bruidhinn mun chùis ri ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn.

Brexit

Tha sia uairean de thide de chòmhradh aig Rùnaire Bhrexit, Dominic Raab, agus barganaiche an Aonaidh Eòrpaich, Michel Barnier, anns a' Bhruiseal an-diugh. Tha iad ag amas air aonta mu chàirdeas malairt eadar Breatainn agus an EU mus bi àrd-choinneamh aig na ceannardan 'san Damhair. Thuirt Ministear Eòrpach na Frainge, Nathalie Loiseau, an-diugh gu bheil na seachd dùthchannan fichead eile ag iarraidh càirdeas soirbheachail leis an Rìoghachd Aonaichte an dèidh Brexit.

Rees-Mogg

Thuirt am ball pàrlamaid Tòraidh, Jacob Rees Mogg, fear den fheadhainn 's motha a tha airson Brexit gu bheil làn chòir aig Alba air referendum neo-eismeileachd eile ach gum feum feitheamh cha mhòr fichead bliadhna air a shon. Thuirt Mgr Rees Mogg - a tha air cuairt ghoirid a dh'Alba - gum bu chòir tuilleadh fèin-riaghlaidh a bhith ann ach nach bu chòir tuilleadh chumhachd a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba air leithid malairt 's in-imreachas an dèidh Brexit.

Goireasan do chiorramaich

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur taic ri Loganair a tha ag iarraidh airgid bhon Riaghaltas airson goireasan do chiorramaich aig Port-àdhair Ghlaschu aig na geataichean tro am bi muinntir nan eilean a' dol. An-dràsta cha ghabh an seòmar-feitheimh ruigheachd ach air staidhre. Ach tha Loganair ag ràdh ma gheibh iad taic airgid gun cuir iad fhèin na goireasan ann. Thuirt Puirt-àdhair Ghlaschu gu bheil iad ag obair còmhla ri Loganair 'son lioft a chuir ann.

Tubaist

Tha poilis 'san Eilean Sgitheanach ag iarraidh fiosrachaidh mu thachartas san Àth Leathainn feasgar an-dè far an deach duine a dhroch ghoirteachadh. Chaidh fios air na seirbhisean èiginn, goirid an dèidh ceithir uairean, gun robh cuideigin 'san uisge aig cidhe an Àth Leathainn. Thuirt na poilis gun deach an duine, a tha leth-cheud agus a trì, a thoirt dhan ospadal ann an Glaschu agus dh' iarr iad air duine aig a bheil fiosrachadh sam bith mu na thachair bruidhinn riutha aig an stèisean ann am Port Rìgh.

Atharrachadh uairean

Tha an Comisean Eòrpach ag ullachadh mholaidhean 'son stad a chur air atharrachadh na h-uaireach ann an dùthchannan an EU. Thuirt an Ceann-suidhe, Jean-Claude Juncker, gu bheil milleanan dhaoine an aghaidh gluasad eadar uair an t-samhraidh agus uair a' gheamhraidh agus gu bheil a' mhòr chuid ag iarraidh nan gleocaichean fhàgail air uair an t-samhraidh fad na bliadhna.