Dragh mu bhuaidh dhrònaichean air fiadh-bheatha

Dròn

Tha eòlaichean fiadh-bheatha agus poilis air dragh a thogail mun bhuaidh a th' aig drònaichean air beathaichean le inbhe thèarainte.

Le barrachd is barrachd dhaoine a' cleachdadh dhrònaichean, tha eagal ann gu bheil iad a' dol ro fhaisg air eòin agus air beathaichean.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' toirt air ròin teicheach air ais dhan mhuir, rud a dh'fhaodadh a bhith cunnartach do chuileanan-ròin leis gur dòcha gun tèid am pronnadh.

Thuirt iad cuideachd gu bheil drònaichean a' cur an eagail air eòin a tha a' neadachadh agus a' toirt orra tuiteam far chreagan àrd sìos dhan mhuir.

Dh'iarr Dualchas Nàdar na h-Alba air daoine gun na drònaichean a chur ro fhaisg orra.

Cead oifigeil

Tha inbhe shònraichte aig cuid a làraich a tha a' ciallachadh gu bheil a bhith a' cur dragh air beathaichean, fiù 's le mearachd, na eucoir.

Thuirt oifigear eucoir fiadh-bheatha SNH, Anndaidh Mac an Tuairneir: "Ged as urrainn do dhealbhan bho na drònaichean a bhith iongantach, feumaidh an neach a tha ga chleachdadh a bhith mothachail air a' bhuaidh air fiadh-bheatha.

"'Uaireanan bidh eòin-chreachaidh a' faicinn drònaichean mar chunnart agus a' toirt ionnsaigh orra, rud a tha a' fàgail g'eil iad fhèin air an goirteachadh agus an dròn air a mhilleadh.

"Chuireadh sinn ìmpidh air duine sa bith a tha airson fiadh-bheatha a chlàradh fios a chur gu SNH airson comhairle, agus ma tha e a dhìth, cead oifigeil fhaighinn."