Geamaichean mòra am ball-coise ionadail

Ball

Bidh geamaichean mòra ann am ball-coise ionadail air an deireadh-sheachdain.

Tha dùil ri sluagh mòr aig Pàirc Chnoc nan Gobhar ann an Steòrnabhagh oidhche Shathairne is na Lochan is Càrlabhagh gus strì airson Chupa Leòdhais.

Gu h-iongantach, 's e seo an dàrna turas a tha iad air coinneachadh ann an seachdain is na Lochan air soirbheachadh 4-3 ann an geama lìge oidhche Luain.

Lean sin am pàtran a tha air a bhith ann am-bliadhna is na Lochan air na ceithir geamaichean eadar na sgiobaidhean thuige seo a bhuannachadh.

Tha sin air na Lochan a chuideachadh gu dà chupa mar-thà.

Misneachd

Tha Càrlabhagh air togail orra tron t-seusan ge-tà, rud a bheir dòchas dhaibh.

Bidh Lewis MacCoinnich is Dàibhidh Mac a' Mhaolain air an casg airson nan Loch is ceist am bi Ross Allison is Andaidh Moireach fiot.

Tha dùil gun till cuid bho Chàrlabhagh a chaill an geama oidhche Luain, ach bidh iad aonais Stiùbhairt 'Bubble' Dhomhnallaich is Niall Mac na Ceàrdaich.

Tòisichidh an geama aig 6f.

'S e an lìog a tha a' faighinn prìomhachas san Eilean Sgitheanach ach tha an geama mòr a bha gu bhith ann eadar Caol Acain is Juniors Phort Rìgh a-nise dheth.

Faisg

Chaidh an geama a chur air ais seachdain às dèidh bàs Alasdair Mhoireasdain.

Chluich Alasdair dha Caol Acain is bha e cuideachd gu mòr an lùib Camanachd an Eilein Sgitheanaich.

Tha dà gheama fhathast ann Disathairne a bheir buaidh air mullach na lìge.

Bidh Malaig an aghaidh GA United sa Phloc aig 1f, is Slèite is an Srath a' siubhail a chluich Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich aig 5f.

Bidh Malaig is Slèite ag amas air 3 puingean, a dh'fhàgadh cùisean cho inntinneach 's a ghabhas a' dol a-steach dhan t-seachdain mu dheireadh den t-seusan.