Grunnd na Mara gu mullach na beinne

Daibhear

'S iomadh dùbhlan neònach a chunnaic Beinn Nibheis thar nam bliadhnaichean.

An ìre mhath tric, feuchaidh feadhainn ris a' bheinn a dhìreadh ann an èideadh annasach air choireigin.

Gu h-ainmeil, chaidh Model T Ford a dhràibheadh dhan mhullach ann an 1911.

Ann an 2006, chaidh piàno a lorg faisg air bàrr na beinne.

Tha sgioba de dhaibhearan a-nise air dùbhlan ùr a chur romhpa.

Tòisichidh iad air grunnd na Linne Duibhe.

'S e am plana a th' aca a' coiseachd às a sin gu mullach Bheinn Nibheis.

Is mura h-eil sin fhèin annasach gu leòr, bidh èideadh daibhidh tradiseanta orra fiù 's às dèidh dhaibh a dhol air tìr.

Tha cuideam de 80 cileagram san èideadh, is cha bhi e air ach aon neach bhon sgioba 'son gach pàirt den dùbhlan.

Tha iad a' feuchainn ri airgead a thogail airson Chomann an Daibhidh Eachdraidheil, Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abar, is teaghlach Saman Kunan, daibhear Thai a chaill a bheatha is e na phàirt den iomairt gus cobhair a dhèanamh air sgioba ball-coise òigridh à Thailand a bha glaicte ann an uamhan.

'S e fear Ginge Fullen, a bha na dhaibhear san nèibhidh, a tha air cùl a' phlana.

"Bha mi airson dùbhlan a ghabhail os làimh a tha cho cruaidh is gu bheil coltas ann nach fheuch duine eile air a chaoidh tuilleadh", thuirt Ginge.

"Thachair mi ri Ty Burton bho Chomann an Daibhidh Eachdraidheil is thàinig sinn còmhla airson seo a chur air dòigh", thuirt e.

Tòisichidh an dùbhlan Disathairne is an sgioba an dùil is an dòchas a bhith aig mullach na beinne ann an 4 no 5 làithean.