Sgitheanaich ag amas air an duais mhòir

Iomain

Tha Camanachd an Eilein Sgitheanaich ag amas air greim a chumail air Cupa Valerie Fhriseil nuair a chluicheas iad Bàideanach an Ceann a' Ghiuthsaich Disathairne.

Bhuannaich boireannaich an eilein a' phrìomh dhuais ann an camanachd nam ban 'son a' chiad uair an-uiridh le pronnadh 6-1 a thoirt air Loch Abar sa chuairt dheireannaich.

Bha sin na phàirt de sheusan air leth dha na Sgitheanaich is iad cuideachd a' buannachadh na Lìge Nàiseanta.

Tha iad a-nise ann an suidheachadh làidir an dearbh rud a dhèanamh a-rithist, is iad air a h-uile geama lìge am-bliadhna thuige seo a bhuannachadh.

Tha iad air a' chuairt dheireannach seo a ruighinn gun gheama idir a chluich, ach chan iad as coireach airson sin.

Eòlas

"Tha sinn air bhioran", thuirt Sarah Jane Fheargasdan, a bhios eadar na puist dha na Sgitheanaich.

"Air sgàth is gun do bhuannaich sinn an cupa an-uiridh, tha fios againn ciamar a tha e a' faireachdainn, is tha fios againn ciamar a bha sinn a' faireachdainn nuair a chaill sinn ann an 2016", thuirt i.

Tha cothrom aig na boireannaich cuideachd làmh an uachdair fhaighinn air fireannaich an eilein.

Tha na fir air Cupa na Camanachd a bhuannachadh aon turas, is cothrom an seo aig na boireannaich leum air thoiseach orra.

Bha slighe dhoirbh aig Bàideanach dhan chuairt dheireannaich, le buaidh 2-1 air Obar Dobhair is an uairsin 2-0 air Loch Abar ann an ùine a bharrachd.

Dìoghaltas

Cha do chaill Bàideanach ach aona gheama am-bliadhna, 3-1 an aghaidh nan Sgitheanach sa Chèitean.

Bidh iad ag amas air dìoghaltas an seo agus an cupa a bhuannachadh 'son a' chiad turas bho 2013.

Tòisichidh an geama aig 4.05f agus thèid a chraoladh beò aig BBC Alba.

Nas tràithe air an là, thèid Inbhir Nis an aghaidh Ghleann Urchadain sa chuairt dheireannaich den Chupa Dùbhlan, cuideachd ann an Ceann a' Ghiuthsaich.

Tòisichidh an geama sin aig 1.45f.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile