Draghan LFASS fon phrosbaig

Crodh

Thèid draghan mu na tha an dàn don sgeama taic àiteachais, LFASS, a thogail aig coinneimh eadar Rùnaire Eaconomaidh Dùthchail na h-Alba, agus Rùnaire Àrainneachd na Rìoghachd Aonaichte.

Coinnichidh Fearghas Ewing is Mìchael Gove air an ath-mhìos.

Tha croitearan agus tuathanaich air draghan a thogail gu bheil gearraidhean mòra air fàire dhan sgeama.

Tha dùil ri gearradh 21% an ath-bhliadhna, is suas ri 80% ann an 2020 ri linn Brexit.

Bha Fearghas Ewing air a' Ghàidhealtachd Diardaoin is cothrom aig croitearan agus tuathanaich bruidhinn ris.

Thuirt Cathraiche Comataidh LFASS Aonadh nan Tuathanach ann an Alba, Raibeart Dòmhnallach, gu bheil iad airson is gun tèid dòigh fhaighinn air an subsadaidh a ghlèidheadh mar a tha e.

Aonta

"Thug sinn uile teisteanas dha air mar a bha an samhradh is an geamradh seo chaidh air bualadh oirnn is cho doirbh 's a bha e, agus cho feumail 's a bha an LFA", thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Fhuair sinn gealltanas gun dèanadh e a dhìcheall airson ar cuideachadh", thuirt e.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach gu bheil a' mhì-chinnt mu Brexit na uallach dhan a h-uile duine ann an àiteachas.

"Chan eil cinnt ann dè tha a' dol a thachairt.

"Am faigh sinn deal? An e no deal no real deal a bhios ann?

"Tha e doirbh dhomh comhairle a thoirt dha duine sam bith", thuirt e.