CnES a' cur taic ri iomairt Loganair

Port-adhair Ghlaschu Image copyright Thomas Nugent / Geograph

Tha Comhairle nan Eilean Siar air an taic a chur ri oidhirp le Loganair airgead fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba airson goireasan do dhaoine ciorramach aig Port-àdhair Ghlaschu a leasachadh.

Tha dragh air a' chomhairle mu mar a dh' fheumas daoine staidhre a chleachdadh airson faighinn gu na geataichean trom bi muinntir nan eilean a' siubhal, 's gun lioft idir ann.

Thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gu bheil an t-ùghdarras air a bhith mì-thoilichte mu na goireasan a th' ann fad bhliadhnaichean, is gu bheil iongnadh orra nach deach an leasachadh ron seo.

"Tha astar agad ri coiseachd an toiseach mus ruig thu na geataichean", thuirt an Comh. Robasdan.

Cas

"An uairsin tha staidhre ann, is staidhre gu math fada a th' ann agus gu math cas cuideachd.

"Chan eil sinne a' tuigsinn carson a tha gnothaichean cho doirbh nuair a tha còir goireasan mar sin a bhith ann co-dhìu a thaobh an lagh a th' againn", thuirt e.

Thuirt Loganair gu bheil iad ag obair le Port-àdhair Ghlaschu airson airgead fhaighinn gus lioft a chur ann.

Thuirt iad gum biodh lioft goireasach do dh'iomadach duine a tha a' cur geataichean nan eilean gu feum.

Dh'innis labhraiche do Phort-adhair Ghlaschu gu bheil iad ag obair còmhla ri Loganair airson lioft a chur an sàs aig geataichean nan eilean.

Thuirt iad san eadar-ama gu bheil iad a' dèanamh nas urrainn dhaibh airson fiosrachadh a thoirt do dhaoine mun chuideachadh a th' ann dhaibh nam biodh sin a dhìth.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile