Fuasgladh ga shireadh mu thrafaig an Tobar Mhoire

Tobar Mhoire Image copyright Mary MacGregor
Image caption Tha cion àitean parcaidh na thrioblaid sa bhaile

Bha sgeama "park & ride" air neo pàirce-chàraichean nas motha am measg nam molaidhean a nochd aig coinneimh ann an Tobar Mhoire 's trioblaid anns a' bhaile le cion àitean-pàircidh.

Tha uiread de bhànaichean-campaichean a' tadhal air a' bhaile - gu h-àraidh as t-Samhradh - 's gu bheil e a' faileachadh air daoine àite-pàircidh fhaighinn tron là.

Thuirt Ruairidh MacMhuirich a tha a' fuireach ann an Tobar Mhoire gu bheil fìor thrioblaid ann.

"Tha e gu math duilich - gu h-àraidh do sheann daoine ma tha iad ag iarraidh a dhol chun nam bùithtean, chan fhaigh iad air na càraichean aca a phàirceadh far an àbhaist dhaibh.

Leudachadh

"Tha na bhànaichean mòra a tha sin a' toirt suas barrachd rùim na càr mar a b' àbhaist a bhith ann .. feumaidh sinn tuillleadh àite-pàircidh", thuirt e.

Tha esan den bheachd gum faodadh sgeama "park & ride", far an deadh càraichean fhàgail taobh a-muigh a' bhaile, a bhith na fhreagairt.

"Tha mise a' smaoineachadh gur e deagh rud a bhiodh an sin - bheireadh e na bhànaichean mòra a-mach às a' bhaile agus dh'fhaodar a bhith air ais 's air adhart a' coiseachd ma tha deagh là ann neo bus beag a bhith air ais 's air adhart".

'S e pàirce-chàraichean nas motha aig an Leadaig, ri taobh an taigh-staile, am beachd eile ris an tèid coimhead.

Thathas cuideachd a' bruidhinn air cidhe an aiseig a Chille Chòmhainn a ghluasad gu taobh eile a' bhàigh.