Obair ùr aig Bòrd na Gàidhlig

Bòrd na Gàidhlig

Tha obair ùr ga sanasachd le Bòrd na Gàidhlig air a bheil Ceann Chùisean Conaltraidh is Follaiseachd.

Bidh dleastanas air an neach a gheibh an dreuchd airson ro-innleachd conaltraidh 's margaidheachd a' Bhùird a chur an gnìomh, agus a bhith a' cur an sàs aon den na ceithir prìomhachasan anns a' Phlana Chorporra 2018-2023 aca.

Tha iad a' sireadh neach le sgilean air leth a thaobh conaltraidh agus margaidheachd, agus bidh an tagraiche soirbheachail cuideachd a' cuideachadh le bhith a' sgaoileadh fiosrachadh air obair a' Bhùird taobh a-staigh agus taobh a-muigh na buidhne.

"Cothrom air leth"

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllinnein, gur e cothrom air leth a th' ann do neach aig a bheil na sgilean riatanach.

''S e àm làn chothroman a th' ann airson cuideigin aig a bheil an lèirsinn, comasan is miann gus ìomhaigh na Gàidhlig a thogail ann an dòighean eadar-dhealaichte."

"Bidh e/i ag obair le iomadh buidheann phoblach, shaor-thoileach is phrìobhaideach gus ceanglaichean nas làidire a thogail agus com-pàirteachasan is pròiseactan ùra a chur air bhonn", thuirt i.

Gheibhear pasgan fiosrachaidh mun dreuchd air-loidhne air làrach-lìn a' Bhùird.

Feumaidh tagraidhean airson na h-obrach a chur chun a' Bhùird ro 5.00f, Diluain 24mh An Sultain 2018.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile