Fiosrachadh ga iarraidh mu thubaist rathaid
- Air fhoillseachadh
Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a chaidh boireannach a leagail le càr air an A82 feasgar Diluain.
Leag càr Dacia Sandero am boireannach, a tha 41, beagan tuath air Drochaid Urchaidh mu 4:45f.
Chaidh a sgèith dhan ospadal ann an Glaschu, ach chan eil dùil gu bheil i ann an cunnart a beatha.
Bha an rathad dùinte fad sia uairean de thìde fhad 's a bha na Poilis a' rannsachadh na thachair.