Ceist mun airgead ùr 'son càradh aiseagan
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar a' togail cheist mun airgead a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba 'son bàtaichean-aiseig a chàradh agus airson an tilleadh gu seirbheis nas luaithe ma 's e agus gum bris iad sìos.
Thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdhail na Comhairle, Ùisdean Robasdan, nach tèid an t-suim seo, £3.5m, ro fhada leis na tha aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn de sheann bhàtaichean.
Tha e ag ràdh cuideachd nach iad na seann bhàtaichean a rinn trioblaid sna beagan sheachdainnean mu dheireadh.
Dh'innis an Riaghaltas Diluain gun tèid an t-airgead a chosg air a' gheamhradh-sa air a bhith ag ùrachadh seann uidheamachd air na bàtaichean agus air a bhith a' lorg pàirtean de dh'uidheamachd nach eil air a' mhargaidh tuilleadh ri linn cho aosta 's a tha iad.
Seasmhach
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, a' Bhun-structair agus Comasan-ceangail, Mìcheal MacMhathain, gum biodh an t-seirbheis nas seasmhaiche ri linn.
"Thèid an t-airgead a chosg air na soithichean as motha a tha a' cur feum air ùrachadh ann an oidhirp stad a chur orra bho a bhith a' briseadh agus ann an oidhirp dàil a sheachnadh," thuirt e.
Chuir Mgr Robasdan fàilte air an airgead ùr agus thuirt e gu robh e toilichte gu robh adhartas ga dhèanamh.
Ach, thog e ceist mu dè cho fada 's a bhios airgead sa phoit le cho tric sa tha trioblaidean ann le bàtaichean.
"Nuair a smaoinicheas tu air na th'ann de shoithichean aig CalMac uile gu lèir, cha tèid an uiread seo airgid cho fada ri sin.
"Mar a tha fios aig a h-uile duine bha trioblaidean uabhasach againn air a' bhliadhna a chaidh seachad le soithichean a' briseadh sìos.
"Chan e mhàin nach fhaigheadh iad pìosan air a son ach gum feumadh iad pìosan a dhèanamh às ùr air a son agus grunn dhiubh sin 's ann às an Roinn Eòrpa a bha iad a' tighinn," thuirt Mgr Robasdan.
Thuirt Mgr Robasdan gu bheil trioblaidean le cuid de na bàtaichean-aiseig ùr a' briseadh sìos cuideachd.
Bàtaichean ùra
Dh'iarradh Mgr Robasdan gun deadh barrachd shoithichean a thogail.
Chualar na bu thràithe air a' mhìos gum bi dàil air dà bhàta ùr.
Ged a chaidh am bàta a thèid air an t-slighe eadar Arainn agus Àrd Rosain a chur air bhog an-uiridh tha trioblaidean teicnigeach a' ciallachadh nach bi i ann an seirbheis gu as t-fhoghar an ath-bhliadhna aig a' char as tràithe.
Dh'innis Innleadairachd Mara Fheargasdain, a' chompanaidh a tha togail an dà bhàta ann an Glaschu, gum bi dàil air an t-soitheach a bhios air seirbheis an Tairbeirt, Loch nam Madadh agus Ùig gu as t-fhoghar 2020.