Luchd-obrach NHS na Gàidhealtachd a nise a' faighinn pàigheadh

Air fhoillseachadh

Fhuair na mìltean luchd-obrach NHS na Gàidhealtachd an cuid pàigheadh dimàirt às dèidh mar a thàinig e am bàrr nach d'fhuair iad an turastal aca an-dè mar bu chòir.

Thòisich NHS na Gàidhealtachd rannsachadh air na thachair agus dh'aidich iad nach robh a' mhòr-chuid den luchd-obrach air an tuarastal fhaighinn Diluain, an là a bha còir aca.

Thuirt iad gur e adhbhar iomagain a bha seo is thabhainn iad leisgeul air an luchd-obrach.

Dh'iarr iad air feadhainn a dh'fhaodadh a bhith ann an staing ionmhais ri linn an t-suidheachaidh fios a chur orra.

Dh'innis am bòrd-slàinte gun robh ceist air nochdadh mu phàigheadh Dihaoine, ach gun do gheall am banca dhaibh nach biodh trioblaid ann.

Thuirt iad gu bheil iad a-nise air sgrùdadh a thòiseachadh feuch dè dìreach a chaidh ceàrr.

Thuirt iad às dèidh sin gun obraich iad leis a' bhanca gus nach tachair seo a-rithist.