NHS nan Eilean Siar gan cronachadh

Air fhoillseachadh

Thuirt buidheann-faire gu bheil còir aig NHS nan Eilean Siar leisgeul a thabhainn air boireannach air an deach sgrùdadh meadaigeach a dhèanamh gun chead.

Bha am boireannach air a cur gun mhothachadh, agus i fo chùram air adhbhar eile aig an àm, agus cha d'fhuair i fios gun deach an sgrùdadh eile a dhèanamh orra gus an do dh' iarr i leth-bhreac dhe na clàran meadaigeach aice.

A-rèir Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba, cha robh seo na chleachdadh àbhaisteach, agus rinn iad càineadh air mar a dhèilig am bòrd-slàinte ri draghan a' bhoireannaich.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun robh iad a' gabhail ris, agus a' cur an gnìomh molaidhean an Ombudsman.