Ath-thiodhlaigeadh corp boireannaich le ceangal ri Clann MhicShimidh

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Sìm Friseal, Am Morar Lòbhat no an Seann Sionnach.

Thèid corp boireannaich ath-thiodhlaigeadh le seirbheis Chrìostail faisg air a' Mhanchainn Diardaoin.

Seo an corp, gun cheann, air an deach rannsachadh foireansach a dhèanamh feuch an e corp seann cheann-cinnidh nam Frisealach a bh' ann - am Morair MacShimidh, an Seann Sionnach.

Bha an corp ann an ciste-laighe ann am Mausoleum Wardlaw aig na Frisealaich ann an Cnoc Moire, faisg air a' Mhanchainn - ach cha b'e an Sionnach a bh' ann.

Aramach nan Seumasach

Chaidh an ceann a thoirt far MhicShimidh ann an Lunnainn ann an 1747 leis gun robh e a' cur taic ris na Seumasaich agus aramach a' Phrionnsa Tearlach Stiubhart - ged a tha fianais ann gun robh e deiseil corra uair, taobhadh ri feachdan an riaghaltais.

A-rèir a theaghlaich, bhathas air an corp aige a thoirt air ais a dh'Alba, agus a thiodhlaigeadh ann a Mausoleum Wardlaw, ged a bha riaghaltas aig an àm, a' cumail a-mach gun deach a thiodhlaigeadh fo làr an t-seipeil aig Tower Hill ann an Lunnain.

An-uiridh ge-tà, fhuair luchd-saidheans fo stiùir an an Oll. Sue Nic Ille Dhuibh , nach b' e corp MhicShimidh a bh' ann.

Ceistean

Às dèidh sgrùdaidh, fhuaireadh gur ann le boireannach òg, eadar 25 agus 35 a bha na cnàmhan 's chan eil fhios fhathast cò i, agus carson dìreach a chaidh a tiodhlaigeadh gun cheann, ann an ciste-laighe a thathas dhen bheachd a bha air a sùileachadh don Mhorar Lòbhat - ciste a bha mòr-sgeadaichte agus snasail.

Thog an t-Oll. Nic Ille Dhuibh ceist saoil an e ball den teaghlach a bh' innte agus gun deach co-dhùnadh, gu sìmplidh, a' chiste a chuir gu feum.

Bidh cuid de theaghlach Lòbhat an làthair aig an t-seirbheis Chrìostail ann an Cnoc Moire faisg air a' Mhanchainn Diardaoin agus tha an t-seirbheis fosgailte do Fhrisealaich eile agus dhan phoball.