Giollachd staimh air fàire am Malaig?

Ceilp Image copyright Getty Images
Image caption Tha dùil gu bheil còrr air 19,000,000 tunna de cheilp ri fhaighinn a h-uile bliadhna eadar Muile is Leòdhas.

Tha companaidh a' sireadh cead airson ceilp a bhuain air taobh Siar na Gaidhealtachd bho cheann a deas Mhuile gu beul Loch Steòrnabhaigh.

Tha Marine Biopolymers Earranta ag ràdh gun cruthaicheadh seo còrr is 40 cosnadh.

Ged nach tàinig beachd foirmeil fhathast bho bhuidhnean eile a tha a' cleachdadh a' Chuan Sgìth, tha draghan air nochdadh mu bhuaidh na h-obrach.

Tha a' chompanaidh a' cumail a-mach gu bheil còrr is 19,000,000 tunna de stamh ri fhaighinn san sgìre a h-uile bliadhna.

Tha iad ag ràdh ge-tà, nach eil iadsan am beachd ach mu 30,000 tunna sa bhliadhna a bhuain.

Bhiodh 10 cosnaidhean an lùib na h-obrach gearraidh fhèin, le soitheach sònraichte.

Bhiodh 30 cosnadh a bharrachd stèidhichte ann am Malaig airson an stamh a ghiullachd.

Tha beachdan gan sireadh bho ghnìomhachasan eile a tha a' cleachdadh a' Chuain Sgìth.

Tha leithid de dh'obair ga dhèanamh cheanna ann an Èirinn, Innis Tìle agus Nirribhidh.

Tha cuid de dh'iasgairean a bhios ag obair sa Chuan Sgìth air draghan a nochdadh mu obair a bhith a' dol air adhart aig a' mheud a thathas a' moladh, 's gun toir e droch bhuaidh air an iasgach 's an àrainneachd.