Cùmhnant proifeiseanta dha eileanach òg

Dòmhnall Ailig Moireasdan is Iain Robasdan. Image copyright ICT
Image caption Dòmhnall Ailig Moireasdan còmhla ri manaidsear ICT, Iain Robasdan.

Dh'innis Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil fear òg à Leòdhas air ainm a chur ri cùmhnant proifeiseanta leotha.

'S ann às an Rubha a tha Dòmhnall Ailig Moireasdan.

Bha Dòmhnall Ailig, a tha a' cluich ann am meadhan na pàirce, a' cluich dhan Rubha mus do ghluais e a dh'Inbhir Nis bho chionn trì bliadhna.

"Chòrd e rium gu mòr a bhith cluich dhan Rubha agus as aonais na taice is trèanaidh a fhuair mi bhuapa cha bhithinn air cùmhnant proifeiseanta fhaighinn", thuirt Dòmhnall Ailig.

"Tha a h-uile duine aig ICT air fàilte mhòr a chur orm agus tha mi air bhioran a bhith ag obair cruaidh agus a bhith a' leasachadh mo thàlantan leis na balaich eile", thuirt e.

Chuir dithis Ghàidheal òga eile, Harry MacNeacail is Roddy MacGriogair, a tha le chèile à Inbhir Nis, ainm ri cùmhnantan le ICT sa Chèitean.