Dortadh ann an Druim na Drochaid
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dòrtadh ann an Druim na Drochaid

16 An Lùnasdal 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha fios gum bi na mìltean a' cumail sùil gheur air an aimsir airson Sruighlea aig deireadh na seachdain 's iad an dòchas nach bi aodach dìonach a dhìth orra airson nan cuirmean mu dheireadh aig Runrig.

Ann an sreath air Aithris na Maidne mu chuirmean Runrig rè nam bliadhna bhathar a' cuimhneachadh air cuirm air a' Ghàidhealtachd far an robh cruaidh fheum aig an luchd-èisteachd air bòtanan is eile.