Marquee Lìonacleit is Hanger Steòrnabhaigh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Marquee Lìonacleit is Hanger Steòrnabhaigh

16 An Lùnasdal 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aig deireadh na seachdainn-sa cruinnichidh na mìltean ann an Sruighlea aig na cuirmean mu dheireadh aig Runrig.

An t-seachdainn-sa tha Aithris na Maidne air a bhith a' toirt sùil air ais air cuirmean Runrig tro na bliadhnaichean.

Tràth sna 90n bha an còmhlan air fàs mòr, ainmeil.

Ach bha iad airson tilleadh dha na h-eileanan le cuirmean mòra.

Sin nuair a bha a' chuirm ainmeil ann an Hanger Steòrnabhaigh agus ann am marquee air machair Lionacleit.

Tha an aithris aig Angela Nic'Illeathain a' tòiseachadh le Calum Dòmhnallach bho Runrig.