Dragh mu àireamhan na circe-fraoiche
- Air fhoillseachadh
Tha dragh air geamairean na h-Alba mu àireamh nan cearcan-fraoich agus an seusan seilge dhaibh a' tòiseachadh.
Tha seo cuideachd ri linn buaidh na h-aimsire a th' air a bhith ann, agus dùil aca nach robh uimhir de na h-èoin ag àlachadh.
Ged a tha an gnìomhachas na adhbhar connspaid san là a th' ann, tha eòlaichean an dùil gu bheil luach £32m ann do dh'eaconomaidh na h-Alba.
Le sneachda anmoch anns a' Mhàrt agus aimsir bhlàth, thioram eadar an Cèitean agus an t-Iuchar, bha àireamh na bu lugha de chearcan-fraoich ag àlachadh na an àbhaist.
Tha dragh air na h-oighreachdan mu na tha seo a' ciallachadh don stoc, agus tha iad air cuid de làithean seilge a chur dheth gus àireamhan a dhìon 'son bhliadhnaichean eile.
Tha còrr is 2,500 cosnadh an Alba co-cheangailte ri sealg na circe-fraoiche, agus daoine a' tighinn à fad is farsainn airson losgadh.
Tha dragh air na h-oighreachdan mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig droch sheusan seilge do ghnìomhachas na turasachd san fharsainneachd.