Subsadaidh nas tràithe am-bliadhna

Air fhoillseachadh

Bidh cothrom aig tuathanaich agus croitearan air an subsadaidh Eòrpach aca fhaighinn nas tràithe nan àbhaist am-bliadhna.

Foillsichidh Riaghaltas na h-Alba sgeama Diluain airson an cuideachadh, às dèidh na sìde neo-àbhaistich a th' air a bhith ann.

Às dèidh a' Gheamhraidh a bha gu math fuar, le tuathanasan air an còmhdachadh le sneachda tiugh, agus Samhradh air leth blàth 's tioram, thàinig àrdachadh air na cosgaisean a th' aig tuathanaich is croitearan 'son biadh agus fodar a thoirt dha na beathaichean aca.

Mar thoradh air seo, tha Riaghaltas na h-Alba a' tabhainn na tha tuathanaich is croitearan a' faighinn de shubsadaidh bhon Aonadh Eòrpach nas tràithe na an àbhaist.

Mar as trice bi iad ga fhaighinn eadar an Dùbhlachd agus am Màrt, ach fon sgeama seo, gheibh iad suas ri 90% den subsadaidh bhon Dàmhair.