"Am fear-glèidhidh as fheàrr a-riamh"
- Air fhoillseachadh
Chaidh moladh mòr a dhèanamh air fear-glèidhidh Lòbhait, Stiùbhart Dòmhnallach, às dèidh gheama air leth an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.
Chrìochnaich an geama 3-3 is Lòbhat a' dol air adhart air buillean-peanais air a' cheann thall.
'S iad Ceann a' Ghiuthsaich a chaidh air thoiseach is Seumas Falconer air an targaid is gun ach dà mhionaid air an cluich.
Fhreagair Greg MacMhathain (22) is chuir an Dòmhnallach an uairsin stad air buille-peanais bho Alasdair Michie.
Chum Ceann a' Ghiuthsaich a' dol is chaidh iad air ais air thoiseach tro Fhriseal Rothach (50), le MacMhathain a-rithist a' cur Lòbhat co-ionnan (66).
Chaidh an geama gu ùine a bharrachd agus 's gann gun robh an lethuair eile air tòiseachadh nuair a chuir MacMhathain an treas tadhal aigesan den fheasgar is Lòbhat air thoiseach 'son a' chiad uair.
Le ùine a' ruith a-mach, nochd Raibeart Mabon san loidhne-aghaidh aig Ceann a' Ghiuthsaich gus am ball a chur dhan lìon is na sgiobaidhean co-ionnan 3-3.
Buillean-peanais
'S e buillean-peanais a dhearbhadh cò rachadh troimhe is 's e Stiùbhart Dòmhnallach an gaisgeach do Lòbhat uair eile, a' cur stad air ceithir oidhirpean is Lòbhat a' soirbheachadh 2-1 air a' cheann thall.
"Nuair a tha Greg MacMhathain agad aig aon cheann den phàirc is Stiùbhart Dòmhnallach aig a' cheann eile, tha cothrom agad an còmhnaidh", thuirt manaidsear Lòbhat, Friseal Gallacher.
"Nuair a tha sinne a' dol gu buillean-peanais, tha fios againn gun stad Stiùbhart co-dhìu trì a-mach à còig.
"S e am fear-glèidhidh as fheàrr a chunnaic mi, tha mi a' smaointinn gur e am fear-glèidhidh as fheàrr a bh' ann a-riamh", thuirt e.
'S e briseadh-cridhe a bh' ann do Cheann a' Ghiuthsaich, ach bidh fios aca gu bheil an sgioba òg aca a' tighinn gu ìre. A h-uile coltas ann gum bi iad air ais anns na geamaichean mòra anns na bliadhnaichean ri tighinn.
Ach 's e Lòbhat is Baile Ùr an t-Slèibh a bhios sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd a-rithist am-bliadhna, an geama sin gu bhith san Òban air an 15mh den t-Sultuin.
Bha là math aig a' Bhaile Ùr sa Phrìomh Lìog Disathairne le buaidh 4-0 an aghaidh Ghlinne Urchadain. Tha sin cuideachd a' dearbhadh gun tèid sgioba a' Ghlinne sìos dhan Lìog Nàiseanta.
Frasadh
Tha a h-uile coltas ann gun tèid na Sgitheanaich sìos còmha riutha is iadsan air call 5-1 ri Caol Bhòid am Port Rìgh.
Fhuair Ceann Loch Seile dà phuing cudromach le buaidh 7-3 an aghaidh Loch Abair.
Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog, rinn Camanachd an Òbain a' chùis air Cabair Fèidh 5-0.
Ann an Lìog Tuath 1 rinn dàrna sgioba an Eilein Sgitheanaich a' chùis aig dàrna sgioba Chinn Loch Seile 6-0.
Bha Lorna NicRath am measg nan tadhal dhan eilean an sin, is chuir i trì eile an uairsin Didòmhnaich is boireannaich an eilein a' toirt pronnadh 12-0 air GMA.
Bha Sarah Corrigall (5) is Jenna Pheutan cuideachd air an targaid (4).
Bha na tadhail a' frasadh ann an iomain nam ban le Bàideanach a' soirbheachadh 15-0 an aghaidh a' Ghearasdain, Loch Abar 12-0 an aghaidh Obar Dobhair, is Srath Spè le buaidh 8-0 an aghaidh Àird nam Murchan.