Sùilean air Pàirc a' Bhucht

Cupa na Camanachd

Bidh aire air Pàirc a' Bhucht Disathairne is Lòbhat is Ceann a' Ghiuthsaich gus strì 'son àite sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Tha Baile Ùr an t-Slèibh ann mar-thà às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh - air èiginn - air Cill Mhàillidh.

Tha Lòbhat san dàrna àite san lìog is rinn iad a' chùis air Ceann a' Ghiuthsaich 3-1 san aon gheama eadar na sgiobaidhean am-bliadhna.

Mar sin, dh'fhaodadh gum bi làmh an uachdair acasan a' dol a-steach dhan gheama Disathairne.

Tadhail

Tha an sgioba òg aig Ceann a' Ghiuthsaich a' tighinn air adhart ge-tà, ged nach eil iad fhathast a' cur nan tadhal mar a dh'iarradh iad.

Ma thèid aca air sin a chur ceart Disathairne, bidh dùil ri geama gu math faisg.

Chìthear an geama beò air BBC Alba, am prògram a' tòiseachadh aig 4f.

Sa Phrìomh Lìog tha Gleann Urchadain feumach air buannachadh an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh gus cothrom idir a bhith aca fuireach sa Phrìomh Lìog.

Tha a h-uile coltas ann gum bi iad air a dhol sìos ro dheireadh an fheasgair.

Tha ùine a' ruith a-mach air an Eilean Sgitheanach cuideachd is geama doirbh acasan am Port Rìgh an aghaidh Chaoil Bhòid, sgioba a rinn a' chùis orra 4-0 an t-seachdain seo chaidh.

Targaid

Bidh Ceann Loch Seile aig an taigh an aghaidh Loch Abair ann an geama a tha anabarrach cudromach dhaibh is iad air a dhol bhuaithe beagan anns na seachdainean mu dheireadh.

Bidh 2 phuing a dhìth air Seile an seo gus uallach a chumail air a' Bhaile Ùr aig mullach na lìge.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog, bidh Camanachd an Òbain an aghaidh Chabair Fèidh.

Ann an Lìog Tuath 2 tha Inbhir Nis air innse nach urrainn dhaibh a dhol a Leòdhas Disathairne is an geama sin a-nise dheth.

Gheibh na Leòdhasaich na puingean, ach 's e buille a tha seo dhaibh is a h-uile sgioba eile ach Inbhir Nis air tighinn a Leòdhas mar a bha còir air an t-seusan seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile