Taighean ùra san amharc ann an Inbhir Narann

Beachdaichidh comhairlichean Gàidhealach Diciadain air plana airson 115 taigh ùr ann an Inbhir Narann.

Tha dragh air cuid anns a' bhaile gun deadh talamh ghorm a chall, ann an sgìre far an deach grunn thaighean ùra a thogail ma-thà.

Bidh buill de Chomataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas a' tadhal air an làraich aig Kingsteps, far an coinnich iad ri cuid den fheadhainn a tha a' togail dragh mun leasachadh.

Tha uallach orra gum biodh cunnart ann bho thuiltean, gun dèanadh e cron air an àrainneachd agus mu na bhiodh de thrafaig air na rathaidean.

Tha oifigearan dealbhachaidh a' moladh cead a thoirt seachad, ach le cùmhnantan na chois.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile