Caoraich gan cur an sàs aig làrach Chùil Lodair?

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, AFP
Fo-thiotal an deilbh,
Tha beachd ann gur e caoraich a b' fheàrr airson làrach a' bhlàir a sgioblachadh.

Tha comhairliche Gàidhealach a' moladh treud chaorach a chur an sàs aig làrach Bhlàir Chùil Lodair airson an làrach a thoirt air ais gu coltach ri mar a bha i ann an 1746.

Tha Donnchadh Mac a' Phearsain ag ràdh gu bheil fraoch agus conasg air fàs chun na h-ìre 's nach eil càrn-cuimhne a' bhlàir cho faicsinneach 's a a bu chòir dha a bhith.

Bu chòir treud de "chaoraich acrach" a thoirt a-steach, thuirt e, airson an talamh a sgioblachadh.

Thuirt fear-labhairt bho Urras Nàiseanta na h-Alba gun robh iad am beachd coimhead a dh'aithghearr ris a' phlana-stiùiridh aca airson na làraich, agus gu bheil iad air goibhrean a thoirt a-steach mar-thà.

Thuirt iad gun robh ùidh aca ann a bhith a' leudachadh seo mar dhòigh sheasmhach air an fhearann a chumail fo smachd.