Dòchas mu bhanca Bharraigh

Banca Rìoghail na h-Alba ann am Bàgh a' Chaisteil
Image caption Chaidh beachdan a thrusadh Diluain bho mhuinntir Bharraigh.

Tha dòchas ann fhathast gun gabh Banca Rìoghail na h-Alba ann am Bàgh a' Chaisteil a chumail fosgailte, a rèir a' chomhairliche à Barraigh, Dòmhnall Manford.

Bha meur Bharraigh am measg 60 banca ann an Alba a bha RBS am beachd dùnadh - rud a dh'fhàgadh nach biodh banca sam bith anns an eilean.

Chaidh aontachadh bhon uair sin gun deadh a chumail fosgailte gu co-dhiù deireadh na bliadhna.

Rannsachadh

Bha sgioba-rannsachaidh bhon chompanaidh Johnston Carmichael ann am Barraigh Diluain a' faighinn beachd an t-sluaigh agus bheir iadsan comhairle air RBS a thaobh dè bu chòir tachairt do mheur Bhàgh a' Chaisteil.

Thuirt Mgr Manford gun deach a ràdh ris-san nach eil an co-dhùnadh mu bhith a' dùnadh a' bhanca idir dèanta fhathast.

"Tha mòran a' faireachdainn - leis mar a tha an gnothach air tighinn thuige seo - gu bheil an co-dhùnadh air a dhèanamh cheana agus gu bheil iad air an inntinn a dhèanamh suas".

"Chaidh a ràdh rium an-diugh nach eil sin fìor, nach eil sin ceart - tha mi a' falbh leis an sin, tha mi a' faireachdainn gur e an fhìrinn a thuirt iad - gu bheil iad a' dol a choimhead ris an duilgheadas - tha duilgheadas nuair a thèid banca a dhùnadh ann an àite sam bith ach ann an eilean - far nach eil cothrom eile ann faighinn gu fear eile - 's e ceist mhòr mhòr a tha sin".

Tha RBS ag ràdh gur e nach eil uimhir de dhaoine a' frithealadh nam bancaichean aca - agus barrachd a' cleachdadh sheirbheisean bancaireachd air-loidhne - a tha a' toirt orra cuid de na meuran aca a dhùnadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile