An Rubha ceum nas fhaisge air an tiotal

Ball

Tha an Rubha ceum nas fhaisge air Lìog Leòdhais is na Hearadh a bhuannachadh às dèidh a' gheama mhòir an aghaidh nan Loch oidhche Luain.

Le sluagh mòr an làthair aig a' Chreagan Dubh, thàinig an geama beò anns an 20 mionaid mu dheireadh.

'S iad na Rubhaich a chaidh air thoiseach le oidhirp bho astar bho Anndra Moireasdan.

Thàinig freagairt an ìre mhath sgiobalta bho na Lochan is fear a tha gu tric am measg nan tadhal, Jim O'Donnell, gan toirt air ais co-ionnan.

Bha fios aig na Lochan gum feumadh iad an geama a bhuannachadh gus suidheachadh na lìge a chur air ais nan làmhan fhèin, is bha cothroman air leth aig gach ceann den phàirc anns na mionaidean mu dheireadh, sàbhaladh air leth bho fhear-ghlèidhidh an Rubha nam measg.

Am measg a h-uile càil a bha sin, chaidh Elliot Rudall aig an Rubha a chur far na pàirce.

Co-ionnan

Air a' cheann thall chrìochnaich an geama 1-1.

Tha seo a' fàgail gu bheil an Rubha feumach air 4 puingean às an 2 gheama a tha air fhàgail aca gus a bhith cinnteach air an tiotal.

'S ann an aghaidh United is Aths a tha na geamaichean sin.

Bidh aig na Lochan ris na geamaichean aca fhèin a bhuannachadh is a bhith an dòchas gun tig fàbhar à Steòrnabhagh.

Tha geama an Lìog Leòdhais oidhche Chiadain is an Taobh Siar an aghaidh Chàrlabhaigh.

Ann an Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse oidhche Mhàirt bha droch oidhche eile aig a' Chaol a chaill 11-1 an aghaidh Mhalaig, is Malaig fhathast le cothrom air an tiotal.

Ann an Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt rinn Southend a' chùis 6-0 air Uibhist a Tuath.

An Lìog Leòdhais oidhche Chiadain rinn an Taobh Siar an gnothach 6-0 an aghaidh Chàrlabhaigh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile