"Gealltanas briste" mu sheirbheis rèile

Trèana

Chan eil Riaghaltas na h-Alba air cumail ris a' ghealltanas aca gum bi an t-seirbheis rèidhle eadar ceann a deas na dùthcha agus a' Ghàidhealtachd còrr 's leth-uair de thìde nas luaithe, a rèir luchd-iomairt.

Tha iadsan a' cumail a-mach gu bheil seo cuideachd a' toirt buaidh air an t-seirbheis dhan Chaol agus gu Inbhir Theòrsa.

Bheir e trì uairean de thìde gu leth faighinn gu tuath air an trèana.

O chionn deich bliadhna, gheall Prìomh Mhinistear na h-Alba aig an àm, Ailig Salmond, gun toireadh e nas lugha na trì uairean de thìde a dhol gu tuath air an trèana.

Ach tha luchd-iomairt ag ràdh nach tàinig an gealltanas sin gu buil.

Thuirt iad nach eil sin math gu leòr, agus gu bheil e a' cur dhaoine dheth bho bhith a' cleachdadh na seirbheis.

Le leasachadh luach £3m ga dhèanamh air an rathad mhòr eadar an ceann a tuath is meadhan na h-Alba, tha luchd-iomairt a' ceasnachadh carson nach eil an t-seirbheis a' dèanamh adhartais an coimeas ris an A9.

Thuirt fear-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air £8bn a chosg air siostam rèidhle na dùthcha anns na deich bliadhna a chaidh seachad, agus gu bheil obair ga dhèanamh airson piseach a thoirt air seirbheisean dhan cheann a tuath ron Earrach an ath-bhliadhna.