Adhartas le Taigh Mòr Bhreascleit

Taigh Mòr Bhreascleit Image copyright Google
Image caption Tha pàirt chudromach aig an togalach ann an eachdraidh Bhreascleit.

Tha dòchas gum faodadh Taigh Mòr Bhreascleit a bhith ann an làmhan na coimhearsnachd ro dheireadh na bliadhna.

Tha pàirt chudromach aig an togalach ann an eachdraidh a' bhaile leis gur ann an sin a bhiodh fir-ghlèidhidh taigh-solais nan Eilean Flannach a' fuireach nuair nach robh iad ag obair.

Tha sgeulachd nan Eileanan Flannach gu math ainmeil.

Chaidh triùir a bha ag obair anns an taigh-sholais - fear à Breascleit, Dòmhnall MacArtair nam measg - às an t-sealladh anns an Dùbhlachd 1900 's cha deach dearbhadh a-riamh dè dh'èirich dhaibh.

Airgead

Thòisich iomairt bho chionn trì bliadhna airson an taigh a cheannach bhon bhuidhinn-taigheadais HHP.

Tha an t-urras a tha os cionn na h-iomairt a-nis air £18,000 fhaighinn bho Stòras Fearainn na h-Alba airson sgrùdadh a dhèanamh air mar a ghabhadh an togalach a bhith air a chur gu feum.

Tha Liz NicBheathainn bho Urras an Taigh Mhòir ag ràdh gu bheil iad toilichte an ìre seo a ruighinn.

"An toiseach 's e an rud as cudromaiche a bhith a' coimhead air feumalachdan na coimhearsnachd - dè dh'fhaodas sinn a dhèanamh leis an togalach - agus bidh sinn a' coimhead air sin tro choinneamhan poblach 's tha sinn an dòchas gun tig daoine a-mach 's gun toir iad seachad beachdan 's gum bi iad mar phàirt den phlana coimhead ri dè ghabhas dèanamh leis an togalach shònraichte a tha seo".

Tha dòchas ann gum bi obair ann do dh'ochdnar air a' cheann-thall.

Tuilleadh air an sgeulachd seo