Ionnsaighean le coin a' fàs nas bitheanta

Caoraich Image copyright PA
Image caption Tha NFU Mutual a' dèanamh dheth gu bheil ionnsaighean le coin a' fàs nas bitheanta.

Sheall figearan ùra bhon chompanaidh àrachais NFU Mutual gun do dh'èirich na bh' ann de chùisean far an tug coin ionnsaighean air caoraich 67% anns an dà bhliadhna a dh'fhalbh.

Tha iad a' tomhais gun do chosg seo còrr air £330,000 do thuathanaich sa bhliadhna mu dheireadh a-mhàin.

Tha tuathanaich a' dèanamh dheth gur e mar a tha barrachd dhaoine a' coiseachd air an tuath a tha a' fàgail gu bheil ionnsaighean le coin air fàs nas bitheanta.

"Aineòlas"

Tha Raibeart Dòmhnallach, a tha na bhall de dh'Aonadh nan Tuathanach, ag ràdh nach eil tuigse cheart aig daoine air a' chall a dh'fhaodas na coin aca a dhèanamh.

"Nuair a thèid iad a-mach a choiseachd leotha air feadh nam pàircean agus na tuathanasan chan eil iad a' tuigsinn a' chunnairt a th' anns na coin dhan stoc a th' anns na pàircean agus cuideachd dhan chunnart a th' ann dhaibh fhèin a bhith a' dol am measg an stuic leis na coin a tha sin".

Tha iarrtas ann a-nis gun tèid Bile a thoirt air adhart anns a' Phàrlamaid fom biodh e na b' fhasa peanasan a chur air daoine a leigeas leis na coin aca a bhith a' dol às dèidh chaorach.

Tha Raibeart Dòmhnallach ag ràdh gun cuidicheadh sin, ach gur e ionnsachadh a thoirt dhan fheadhainn leis a bheil na coin an rud as motha a dhèanadh feum.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile