Rannsachadh mu bhanca Bharraigh

  • Air fhoillseachadh
Meur RBS, Bàgh a' ChaisteilTùs an deilbh, Google

Thig sgioba-rannsachaidh a Bharraigh aig toiseach na h-ath-mhìos gus coimhead ri plana gus meur RBS an eilein a dhùnadh.

Dh'fhoillsich RBS san Dùbhlachd an-uiridh gun rachadh còrr is 60 banca leotha an Alba a dhùnadh.

Às deidh do dhaoine a dhol air an casan, dh'aontaich RBS 10 de na meòir, Bàgh a' Chaisteil nam measg, a chumail fosgailte gu co-dhiù deireadh na bliadhna.

Tha iad air a' chompanaidh chunntais, Johnston Carmichael, fhastadh airson ath-sgrùdadh a dhèanamh air na deich bancaichean.

Air a' cheann thall, thig molaidhean bho Johnston Carmichael air na bu chòir tachairt dha na bancaichean.

Tha BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, ag iarraidh air muinntir Bharraigh am beachdan a dhèanamh follaiseach dhan luchd-rannsachaidh.

Tha e ag ràdh gu bheil cothrom ann fhathast am banca a chumail fosgailte.

"Riatanach"

"Tha e gu math riatanach gu bheil Johnston Carmichael a' tighinn a Bharraigh is nas riatanaiche buileach gum bi daoine ga fhaicinn, daoine a tha an eisimeil a bhith a' cleachdadh bhanca Bhàgh a' Chaisteil", thuirt Mgr MacNìll.

"Feumaidh daoine fios a chur thuca.

"Chan eil seo dèante mar a tha cuid de dhaoine sa choimhearsnachd air a bhith ag ràdh rium.

"Tha e gu math follaiseach gu bheil an co-dhùnadh air fhàgail aig Johnston Carmichael agus gu bheil an RBS air gluasad air falbh bhon t-suidheachadh a bh' aca bho chionn mìosan", thuirt e.

Tha Mgr MacNìll cuideachd ag iarraidh air RBS na h-uairean fosglaidh aca an Loch Baghasdail a chur air ais mar bha iad bho thùs.

Bidh an sgioba aig Johnston Carmichael ann am Banca Rìoghail na h-Alba ann am Bàgh a' Chaisteil air an 6mh den Lùnastal.

Faodaidh daoine coinneamh a chur air dòigh riutha le a bhith a' fònadh gu 01224 259 353.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh