Còignear marbh an tubaist am Moireibh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, JASPERIMAGE

Chaidh còignear a mharbhadh ann an tubaist rathaid air an A96 eadar Inbhir Nis agus Obar Dheathain.

Tha cuid eile air an leòn.

'S ann eadar bus beag is carbad 4x4 a bha an tubaist, a thachair goirid ro mheadhan oidhche mu thrì mìle an ear air Baile Chèith.

Bha balach beag, 4, am measg nam marbh.

Bha e fhèin is boireannach a chaill a beatha a' siubhail sa bhus, a bha a' giùlain luchd-turais às an Eadailt.

Bha an triùir eile a bhàsaich, boireannaich aois 69 is 70 is fireannach, 63, a' siubhail san 4x4.

'S ann às an sgìre a bha an triùir.

Chaidh boireannach, 39, a bha a' dràibheadh an 4x4 a ghoirteachadh gu dona.

Tha boireannach a bha sa bhus cuideachd air a leòn gu dona.

Thuirt Poileas Alba gur e suidheachadh uabhasach a bha seo, is thug iad iad taing dhan a h-uile duine a chuidich às dèidh na tubaiste.

Th an A96 a-nise air fosgladh às ùr.