Dìth eòlais aig Buil Pàrlamaid mu thuathan-gaoithe air tìr?

Air fhoillseachadh

Tha rannsachadh ùr a' cur teagaimh ann an dè cho fiosrachail sa tha na buill ann am Pàrlamaid Westminster mu thuathan-gaoithe air tìr.

Gheall manifesto nan Tòraidhean aig àm an Taghaidh Choitcheann ann an 2017 nach leigeadh iad air adhart an còrr thuathan-gaoithe air tìr ann an Sasainn.

Ach, tha feadhainn de buill a' phàrtaidh aig iarraidh air an riaghaltas am beachd atharrachadh.

Tha seo a' tighinn bho rannsachadh a rinn a' bhuidheann YouGov airson Aonad Fiosrachaidh Cumhachd agus Atharrachadh Sìde.

Chaidh a' bhuidheann seo a stèidheachadh gus fiosrachadh a chumail mu dheidhinn cumhachd agus atharrachadh na sìde ri buidhnean a bhios a' dèanamh cho-dhùnaidhean, mar an riaghaltas.

Tha a' bhuidheann air tighinn dhan cho-dhùnadh, às dèidh rannsachadh a dhèanamh air beachdan 100 BP gu bheil iad aineolach mun taic a th' ann do thuathan-gaoithe air tìr, rud a tha an riaghaltas air a dhubhadh às an dèidh an taghaidh mu dheireadh.

Doras fogailte do sgìrean eile

Thuirt na Tòraidhean ron taghadh choitcheann mu dheireadh nach robh iad a' dol a cheadachadh thuathan-gaoithe mòra air tìr ann an Sasainn tuilleadh, ged a chaidh an doras fhàgail fosgailte airson an leithid ann an dùthchanan eile, 's iad den bheachd nach eil taic gu leòr ann gus an tèid iad air ais air a' phoileasaidh sin.

Ach, sheall an rannsachadh gun robh aineolas nam BP na adhbhar dhragh leis gu bheil rannsachaidhean eile a' sealltainn nach eil ach 2% den phoball san fharsaingeachd gu làidir an aghaidh thuathan-gaoithe air tìr.

Bha na BP a' smaointinn gun robh còrr is 20% san t-suidheachadh sin.

Thuirt Aonad Fiosrachaidh Cumhachd agus Atharrachadh Sìde gum bu chòir do na BP tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh iad fhèin gus dearbhadh dè an ìre de thaic a th' ann, leis gu bheil seo a' cumail na rìoghachd air ais, a thuilleadh air na cothroman a th' aig daoine cumhachd nas saora fhaighinn.

Thuirt am Ball Pàrlamaid Tòraidheach, Sìm Clarke, gu bheil guth làidir agus taic làidir a' tighinn bhon t-sluagh airson tuathan-gaoithe air tìr agus gum bu chòir dhan riaghaltas a bhith ag èisteachd ris an sin agus cho fad sa tha an sluagh leis gum bu chòir cead a thoirt seachad airson nan tuathan-gaoithe ann an Sasainn.

Thuirt labhraiche dhan riaghaltas gun robh iad mar-thà den bheachd, ged a bha iad air casg a chur air ann an Sasainn, gum faodadh e bhith ceart ann an sgìrean eile far a bheil taic ionadail ann air a shon.