Tunnaichean todhair ga thoirt far a' Phriscilla

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Andy Mitchell

Chaidh na ceudan thunnaichean todhair a bha air bòrd an t-soithich am 'Priscilla' a chaidh air Sgeirean a' Chaoil Arcaich, feuch an tèid aig sgioba sàbhalaidh air a cur air bhog a-rithist.

'S ann air a 17mh Iuchair a chaidh iam Priscilla, a tha 292tr de dh'fhaid (89m) agus clàraichte san Òlaind, air na creagan.

Tha an sgioba cuideachd air an dàrna leth den chonnadh a bha air bòrd a thoirt aiste 'son 's gum bi e nas fhasa a togail.

3,000 tunna de thodhair

Bha 3,000 tunna de thodhair air bòrd nuair a chaidh i air na sgeirean.

Tha an iomairt fo shùil Riochdaire Sàbhalaidh Mhara Rùnaire na Stàite, Uisdean Seathach, 's thuirt e gun dèan an luchd-sàbhalaidh gach oidhirp gus truailleadh a sheachnadh tron iomairt.

"Nìthear gach oidhirp gus an todhar a thoirt gu sàbhailte a-steach gu na bàirdsichean," thuirt e.

"Chaidh innse dhomh gun sgaoileadh e gu nàdarra, ach aig an àm seo, tha luach fhathast sa chargo.

Obair-sàbhalaidh dhoirbh

"Mar sin dheth, bheir na bàirdsichean an todhar gu cala sàbhailte, far an tèid a chur air bòrd soithich chargo eile, agus thèid an todhar a chur air ais air a' mhargaidh.

"Chan eileas ag iarraidh dad dheth a chall aig an ìre seo."

Thuirt e gu bheil obair-sàbhalaidh "doirbh an-còmhnaidh."

Ach thuirt e gu bheil a h-uile earbsa aige gu bheil gach rud a ghabhas dèanamh ga dhèanamh.

Ged a tha an t-sìde air a bhith fàbharach gu ruige seo, tha dùil gun tig aimsir nas miosa dhan Chaol Arcach ro dheireadh na seachdain 's tha Mgr Seathach an dòchas gum bi iad deiseil den obair mus tachair sin.