Rannasachadh air grunnachadh soithich

Am Priscilla Image copyright Lewis Davidson/Thurso RNLI

Thòisich Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara rannsachadh air mar a ghrunnaich soitheach cargo Duitseach anns a' Chaol Arcach.

Tha a' bhuidheann air a bhith a' cruinneachadh fianais aig an làraich, feuch obrachadh a-mach carson a chaidh an soitheach air Sgeirean a' Chaoil Arcaich tràth madainn Diciadain.

Tha an soitheach, am Priscilla, a tha 292tr de dh'fhaid (89m), fhathast air na creagan, le sianar air bòrd.

Chan eil dùil gun deach a milleadh ann an dòigh sam bith, agus chan eil coltas ann idir gun deach truailleadh a dhèanamh.

Na bu thràithe Dihaoine dh'ainmich a' chompanaidh leis a bheil an soitheach compàirteachas de chompanaidhean sàbhalaidh airson an soitheach a shaoradh bho na creagan.

Tha am muir sa Chaol Arcach am measg a' chuid as làidire agus as luaithe san t-saoghal.

Thuirt riochdaire Rùnaire na Stàite, Uisdean Seathach, gu bheil e toilichte gu bheil a' chompanaidh leis a bheil an soitheach, agus an luchd-àrachais, air luchd-sàbhalaidh eòlach fhastadh gun dàil.

Tuilleadh air an sgeulachd seo