Fàilte air gealltanas mu ospadal

Ospadal an Dr. Gray. Image copyright Ann Harrison/Geograph

Chuir luchd-iomairt a tha an aghaidh phlanaichean gus lùghdachadh a thoirt air seirbheisean màthaireil aig Ospadal an Dr. Gray ann an Eilginn fàilte air gealltanas gun tèid làn-sheirbheis a thilleadh chun an ospadail an ath-bhliadhna.

Fhuair an luchd-iomairt briseadh dùil bho Àrd-Oifigeach Medigeach na h-Alba, Catherine Calderwood, nuair a thadhail i air Eilginn Dimàirt gus coinneachadh ri luchd-obrach air thoiseach air na h-atharrachaidhean.

Fo na planaichean thèid cuid de bhoireannaich leatromach a tha an dùil ri leanabh, agus a thathas a' meas ann an cunnart, a chur a dh'Inbhir Nis no a dh'Obar Dheathain, seach leanabh a bhreith ann an Eilginn fhèin.

"Bha còir aig Bòrd-Slàinte Roinn a' Mhonaidh dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo bho chionn bhliadhnaichean," thuirt Marj Adams, a bha am measg an luchd-iomairt a choinnich ri Catherine Calderwood.

"Bha còir aca coimhead air adhart agus seirbheisean speisealta màthaireil a ghlèidheadh ann an Eilginn, agus dh'fhailich orra sin a dhèanamh.

"'S e briseadh dùil dha-rìribh a bh' ann dhuinn a chluinntinn gur gann gun bheil dad as urrainn don Àrd-Oifigear Medigeach agus an Àrd-Bhean-Glùine ann an Alba a dhèanamh gus stad a chur air an lùghdachadh a tha seo a thachras air an 18mh Iuchar.

"Air an làimh eile, chaidh a dhaingneachadh dhuinn gun coilean an t-Àrd-Oifigeach Medigeach agus an t-Àrd-Bhean-Glùine an gealltanas gun tèid an t-ionad ath-fhosgladh mar làn-ionad speisealta an ceann bliadhna eile," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo