Iar-chuairtean deireannach Chupa na Camanachd

Cupa na Camanachd
Image caption Chaidh na sgiobaidhean a tharraing le Àrd-oifiger Tulloch Homes Seòras Friseal agus an seinneadair Julie Fowlis.

Tha an fharpais 'son Cupa na Camanachd nas fhosgailte na bha e a-riamh 's dòcha an dèidh do Chaol Bhòid a dhol a-mach às air an deireadh-sheachdain.

Chaidh na h-iar-chuairtean deireannach a tharraing Diluain.

Anns a' chiad iar-chuairt dheireannaich, a thèid a chluiche air an 28mh den Iuchar anns a' Ghearasdan, bidh Cill Mhàilidh a' cluiche an aghaidh Cheann Loch Seile neo Baile Ùr an t-Slèibh.

Bidh an dà sgioba sin a' cluiche Disathairne seo tighinn.

Tha Cill Mhàilidh aig mullach an lìge nàiseanta agus b' iad a chuir Caol Bhòid à-mach à Cupa na Camanachd Disathairne seo chaidh.

Agus anns an dàrna iar-chuairt dheireannaich, bidh Lobhat a' dol an aghaidh Cheann an Giùthsaich aig Pàirc a' Bhught ann an Inbhir Nis air an 11mh den Lùnastal.

Tha sgioba òg aig Ceann a' Ghiùthsaich agus tha e air a bhith na dhùbhlan dhaibh sreath gheamaichean a bhuannachadh anns an lìog, 's iad anns an 7mh àite.

Tha Lòbhat anns an dàrna àite anns a' phrìomh lìog, agus ruig iadsan cuairt-dheireannach Chupa na Camanachd an-uiridh - ged a chaill iad 3 gu 2 an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh.

Bidh an dà gheama a' tòiseachadh air 4:00f.

Bidh na sgiobaidhean a shoirbhicheas a' cluiche ann an cuairt-dheireannach Chupa na Camanach anns an Òban air an 15mh den t-Sultain.

Thèid a' chuairt-dhreireannach a chraoladh beò air BBC Scotland.