Iarrtas air stiùireadh do luchd-turais

Luchd-turais

Bu chòir do luchd-còmhnaidh AirBnB air Ghàidhealtachd treòireachadh fhaighinn mu nithean mar a bhith a' dràibheadh air rathaidean singilte agus a' faighinn cuidhteas sgudal, a rèir a' BhPA, Ceit Fhoirbeis.

Thuirt am ball airson an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair agus Bhàideanach gu bheil daoine anns an sgìre taghaidh aice air a bhith a' gearain mun dol a-mach aig cuid de luchd-turais.

"Tha na ceudan, mura bheil na mìltean, de dh'òstairean an lùib AirBnB air feadh na Gàidhealtachd, mar a sheall figearan a chaidh a sgaoileadh air a' mhìos a chaidh gu soilleir," thuirt a' Bh-Ph. Fhoirbeis.

"Chan eil a shamhail ann mar mheadhan air fiosrachadh a thoirt do na mìltean de luchd-turais gu furasta 's gu luath.

"Tha e soilleir dhomhsa gu bheil muinntir an àite gan sàrachadh leis an t-seòrsa turasachd nach eil a' toirt feart gu bheil daoine dha-rìribh a' fuireach, ag obair 's a' togail theaghlaichean air Ghàidhealtachd fad na bliadhna.

Fiosrachadh

"Bidh a' chuid as motha de dhaoine a bhios a' tadhal air a' Ghàidhealtachd gu math modhail, ach chan fhaodar àicheadh gu bheil barrachd sgudail ga fhàgail, gu bheil daoine troimhe-chèile a' dràibheadh air rathaidean singilte, agus gu bheil cuid den dol a-mach a chìthear neo-chuideachail.

"Tha mise ag iarraidh air AirBnB fiosrachadh soilleir a sgaoileadh don a h-uile aoigh aca mu na tha iomchaidh 's neo-iomchaidh ann an sgìrean dùthchail leithid na Gàidhealtachd.

"Gu seachd àraid, tha feum ann a dhèanamh soilleir gu bheil coimhearsnachdan dùthchail gu math furanach, ach gu bheil an àrainneachd agus na daoine airidh air spèis.

"Bu mhath leamsa fhaicinn gun sgaoil òstairean AirBnB stiùireadh do dh'aoighean mu cho cudromach 's a tha e a bhith a' dìon na h-àrainneachd le bhith a' toirt sgudail dhachaigh, mar a bu chòir dràibheadh air rathaidean singilte agus spèis a thoirt do dhràibhearan eile, agus mu dheireadh, a chur nan cuimhne gu bheil sluagh a' fuireach an seo fad na bliadhna," thuirt i.

Thathas a' feitheamh beachd bho AirBnB.