Coinneamh mu chala an Òbain

An t-Òban Image copyright Chris N Illingworth/Geograph

Thèid coinneamh a chumail air a' mhìos seo gus beachdachadh air draghan a th' aig companaidhean san Òban mu phlanaichean a chuireadh a' chompanaidh CMAL os cionn cala a' bhaile.

'S ann leotha a tha bàtaichean-aiseig Chal Mac - agus cuid de na cidhichean a bhios iad a' cleachdadh.

Tha trì buidhnean eadar-dhealaichte air bruidhinn mu na draghan a th' aca ri linn nam planaichean seo.

Nam beachdsan, chan eil co-chomhairle gu lèor air a bhith ann.

Thuirt iad gu bheil an t-Òban air oidhirp mhòr a dhèanamh gus bàtaichean luchd-turais a thàladh agus bidh iad sin ag acair sa bhàgh agus a' cleachdadh nan goireasan a th' ann airson faighinn air tìr.

Ri linn seo, tha na buidhnean ag ràdh gum bu chòir roghainn a bhith acasan nuair a thig e gu bhith a' beachdachadh air mar a thèid an acarsaid a ruith.

Thèid coinneamh de ghnìomhachasan an Òbain agus na sgìrean mu thimcheall a chumail ann an Talla a' Chorrain aig 6:00f Diciadain an 18mh là den Iuchar.

Bidh Stiùiriche nan Acarsaidean aig CMAL, Lorna Spencer, an làthair.