Corp ga fhaighinn an Gleann Nibheis

Gleann Nibheis Image copyright Steve Fareham/Geograph

Fhuair na Poilis agus luchd-teasairginn corp ann an Gleann Nibheis.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach mu 2:00f Disathairne gun robh corp air a lorg sa ghleann.

Tha rannsachadh a' leantainn feuch an corp aithneachadh. Chan eil fhios aig an ìre seo an e corp fhireannaich no bhoireannaich a th' ann.

"Chaidh an corp a lorg ann an àite iomallach, agus bha e follaiseach gun robh e air a bhith ann ùine mhòr," thuirt an t-Àrd-Insp. Alasdair Garrow.

"Gu follaiseach bidh sinn a' beachdachadh air a h-uile roghainn a thaobh dhaoine a th' air a bhith a dhìth o chionn ùine mhòir agus gu mì-fhortannach nach deach a lorg fhathast.

"Faodaidh na gnothaichean seo a bhith dùbhlanach, agus bu mhath leam taing a thoirt dhaibhsan uile a chuidich ann a bhith a' toirt a' chuirp a-mach gu sàbhailte agus gu h-iomchaidh."

Chaidh corp shreapadair a bh' air tuiteam air Beinn Nibheis a lorg o chionn beagan is seachdain.

Thathas a' tuigsinn gun do thuit Marcin Bialas, a bha 36, tro barrabhais sneachda air a' bheinn gu gil air 21mh am Faoilleach.

Thuirt Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair gun deach corp fhireannaich a thoirt a-mach à Gil na h-Amharclainne air Beinn Nibheis Disathairne 30mh an t-Ògmhios.