PiperAlpha
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sgeulachd iongantach an lùib tubaiste Piper Alpha

6 An t-Iuchar 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha luaidh air a bhith ga dhèanamh an-diugh air an 167 a chaochail air Piper Alpha.

Tha 30 bliadhna Dihaoine bhon sgrios a bu mhotha riamh ann an gnìomhachas na h-ola an Alba.

'S iomadh sgeulachd bròin 's gaisgeachd a thàinig thugainn bho Phiper Alpha.

Tha sgeulachd iongantach ri innse aig a' Chaiptean Seumas MacNèill à Barraigh.

Bha e air soitheach taic a bha làmh ri Piper Alpha an oidhche sin.

Shàbhail e fhein 's an criutha aige 47 neach, a dh'aindeoin 's gun deach iad fhèin a thilgeal dhan fhairge le spreadhadh gas.