MacIlleMhaoil air bòrd Sealladh na Beinne Mòire

Uibhist a Deas Image copyright Catherine Morgan/Geograph

Tha Aonghas MacIlleMhaoil, a bha aig aon àm na chathraiche air Sealladh na Beinne Mòire, a-nis air tilleadh chun a' Bhùird an dèidh taghaidhean nan stiùirichean ùra.

'S ann le Sealladh na Beinne Mòire a tha Stòras Uibhist, a tha a' ruith Oighreachd Uibhist a Deas às leth na coimhearsnachd.

Sheas naoidhnear airson nan trì àiteachan a bha ri fhaotainn air a' bhòrd.

'S iad Tormod MacAsgaill, Aonghas MacIlleMhaoil agus Donnchadh Aitken a ghlèidh àiteachan air a' bhord am-bliadhna.

Tha Mgr MacAsgaill agus Mgr Aitken a' tighinn chun na dreuchd as ùr, ach tha Mgr MacIlleMhaoil air a bhith an sàs sa bhuidhinn roimhe seo, mar chathraiche.

Bhòt 70% de na bha ceadaichte bhòtadh anns an taghadh.

Thèid coinneamh bhliadhnail na buidhne a chumail air an 12na là den mhìos, aig 7:30f, ann an talla Staoinibrig.