Ionad-iùil gu bhith an Inbhir Nis

Proipeilear

'S e Inbhir Nis an làrach a b' fheàrr le HIAL airson ionad-iùil a stiùireas trafaig adhair aig seachd puirt-adhair roinneil ann an Alba.

Tha HIAL (Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean) an urra ri puirt-adhair a' chinn a tuath, agus port-adhair Dhùn Dè.

Thuige seo tha ionadan-iùil air a bhith stèidhichte aig a h-uile port-adhair a th' ann, agus tha dragh air aonaidhean ciùird gum fàg na planaichean aig HIAL gun tèid obraichean aig àrd-ìre a chall ann an coimhearsnachdan.

Tha bòrd HIAL a-niste air gabhail ri moladh a rinn a' chompanaidh chomhairleachaidh Ekos gur e Inbhir Nis a b' fheàrr airson an ionaid ùir.

Tha am bòrd cuideachd air dearbhadh gun dèan iad measadh air a' bhuaidh a bheir seo air coimhearsnachdan.

Tha HIAL ag ràdh gu bheil an teicneòlas a thèid a chur an sàs anns an ionad ùr mar thà ga chleachdadh ann an iomadh dùthaich, nam measg a' Ghearmailt, Èirinn, Sealan Nuadh agus na Stàitean Aonaichte.

Bidh trafaig aig puirt-adhair Inbhir Nis, Inbhir Ùige, Dhùn Dè, Sumburgh, Bhaile na h-Eaglaise agus Bheinn nam Fadhla ga stiùireadh leis an ionad ùr.

Tha dùil gum bi eadar ochd agus deich bliadhna ann mus bi an t-ionad a' ruith gu coileanta, agus gun toir an gluasad buaidh air 86 cosnadh.

Thuirt HIAL ge-tà, nach eil planaichean sam bith aca daoine a chur às an dreuchdan.

Tha an t-aonadh Prospect air draghan a thogail mun t-siostam ùr a tha san amharc.

Tha an t-aonadh ag ràdh gun cuir na planaichean cosnaidhean cudromach ann an cunnart.

Dh'iarr iad coinneamh san aithghearrachd le Rùnaire ùr na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain.