Iasgair a fhuair bàs gun uidheamachd shàbhailteachd

Alasdair MacLeòid Image copyright Teaghlach MhicLeòid
Image caption Bha meas mor aig daoine air Alasdair MacLeòid.

Cha robh uidheamachd shàbhailteachd aig iasgair a chaill a bheatha ann an Linne Ratharsaidh an-uiridh.

Thuit Alasdair MacLeòid, 57, a bha fuireach air a' Chomraich, dhan mhuir air an 20mh dhen t-Samhain nuair a bha e ag iasgach ann an Linne Ratharsaidh.

Chaidh a chorp a lorg air a' chladach ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach còrr 's cola-deug an dèidh sin.

Chaidh iomairt-teasairginn mhòr a chur air dòigh gus lorg fhaighinn air.

Sheall aithisg bho Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara nach robh seacaid shàbhlaidh air Mgr MacLeòid.

A bharrachd air an sin, cha robh uidheamachd air bòrd a' bhàta aige, am Varuna, a dh'innseadh dha daoine nan tuiteadh e dhan mhuir neo nan robh tubaist aige.

''Na phàirt chudromach'' dhen choimhearsnachd.

Tha an aithisg cuideachd ag innse mar a bha miann mòr aig Mgr MacLeòid a bhith na iasgair, dìreach mar a rinn athair agus a sheanair.

Bha iasgach na fhuil.

Bha meas mòr aig daoine air Chomraich agus ann an gnìomhachas an iasgaich air Mgr MacLeòid.

Dh'innis an aithisg cuideachd gun robh e ''na phàirt chudromach'' dhen choimhearsnachd.

Bhiodh e a' reic a' mhaoraich aige ris an taigh-òsta far an robh e cuideachd a' frithealadh nam bòrd.

Bha e na fhear-cathrach air a' chomhairle choimhearsnachd, a bharrachd air buidhnean eile.

Rinn sgoilearan sa bhun-sgoil dealbh beag mar chuimhneachain air Mgr MacLeòid nuair a chuala iad gun do chaill e a bheatha.

Image copyright Teaghlach MhicLeòid
Image caption Bha iasgach na fhuil.

Tuilleadh air an sgeulachd seo