Ionad Turasachd ùr an Loch an Inbhir

Loch an Inbhir Image copyright Getty Images
Image caption Loch an Inbhir

Tha adhartas ga dhèanamh ann an Loch an Inbhir ionad turasachd ùr a stèidheachadh sa bhaile.

Dhùin Visitscotland an t-ionad aca sa bhaile ann an 2017 agus iad a' gluasad gu seirbheis air-loidhne.

Ach tha Urras Leasachaidh Asainte air a bhith a' ruith seirbheis san taigh-misein.

Tha daoine ag obair ann gu saor-thoileach.

An-uiridh, chaidh an t-seirbheis a stèidheachadh anns an taigh-misein.

Leasachaidhean

Tha iad a-nis fosgailte ceithir 4 uairean a thìde gach là 'son 6 là san t-seachdain.

Tha Oifigear Leasachaidh airson Urras Leasachaidh Asainte, Eòghann McLachlainn am measg an fheadhainn a tha an sàs sa phròiseact.

Tha Màiri Hinsley, a bha uair ag obair do VisitScotland, a' toirt taic dhan Urras agus a' toirt trèanaidh dhan luchd-obrach.

Tha iad a-nis an dòchas leasachaidhean a dhèanamh air an togalach agus ionad turasachd ceart agus bùth a chur ann a bhios fosgailte làn-thìde thairis air 7 mìosan dhen bhliadhna.

Tha iadsan a tha an-sàs ann ag ràdh gu bheil barrachd feum air a leithid a-nis na bha riamh roimhe agus uidhir de luchd-turais a' tadhal air an sgìre agus an NC500 a' tarraing mòran daoine dhan àite.